First hand report from the two meetings held today in the Old Royal High School in Edinburgh, the site for a Scottish Parliament. The meetings concerned the establishment of a Scottish Senate to act as a way for the ordinary people and organisations of Scotland (not policitians) to influence future political direction in this country. I asked that if it was the intention to involve a wide range of Scottish societies, why were there no Gaelic organisations there or use of Gaelic - it is important that such an organisation represents all of Scotland and that Gaels can feel they belong to such an organisation too. A bilingual report was given out from a similar body in Wales. It is not often that ordinary citizens get the chance to speak in a Parliamentary chamber and I found the day very interesting. It was surprising how many people I met there that I knew from other walks of life.
A chairdean, Tha mi direach air ais bho dà coinneamh cudthromach ann an Dùn Éideann - dà coinneamh aig sean ard-sgoil Rioghail faisg air ceann ear Sràid a' Phrionnsa, aite sònraichte far am bi pàrlamaid na h-Alba (nuair Tonaidh Blair aig Sràid Downing ann 3 bliadhnean 's docha?).
Anns a' mhadainn bha "Coalition for Scottish Democracy" (nach eil ainm Gàidhlig aige?) ga stiùireadh. Chuir iad litreachan a-mach gu mìle buidheann air feadh Alba, buidheann gu h-araid gan politeach (mar eisimpleir: eaglaisean, buidheann foghlam, comhairlean -roinn agus sgìre, buidheann oileanach, buidheann boireannach, ealain, gnothach, agus mar sin bho rathad sam bith ann an Alba). Bha seòmar gu math làn (cho làn ris an ugh, mar a chanais iad) 's docha dà ceud duine ann ach cha robh buidheann Gàidhealach no Gaìdhlig ann idir, tha mi duilich ag radh.
Cho-dhiù, bha an coinneamh airson a chuir cumhachd gu sluagh na h-Alba, agus a' brosnachadh deasbad am measg poblachd na h-Alba air Riaghaltas na h-Alba fhèin. Saoil mi-fhèin gu bheil cus buidheann ann an-dràsda airson a' brosnachadh Parlamaid ann an Alba, ach 'be buidheann eadar-dhealaichte riutha a bh'ann an duigh - 'se forum airson poblachd na h-Alba agus cha robh moran politicians ann idir!
Bha Caimbeul Christie bho STUC chur fàilte gu na duine ann, agus bha Seoras Kerevan bho comhairle sgìre Dun Eideann bruidheann an deidh sin. Thuirt e gum bidh e airson a' steidheachadh dàrna seòmar ann Parlamaid na h-Alba (chan eil mar "House of Lords" idir) ach dàrna seòmar airson co-dhùin dé seòrsa ceann-còmhraidh a bhios aig Pàrlamaid ann an Dùn Eideann agus dé seòrsa eile a bhios fuireach le Pàrlamaid ann an Lunnainn. Thuirt e beagan mu dhéidhinn Lord Cockburn, duine ainmeil bho'n 19mh linne. Bha e na sgoilear aig an ard-sgoil sin agus thuirt e gun robh e gu math toilitche leis a sgoil sin, bha sgoil airson duine bochd agus beairteach, duine bho àite sam bith ann am beatha Dhun Eideann ag obair còmhla ri cheile ann an aon aite, mar a bha e an duigh, anns an sgoil aige.
Bha triùir fear-labhairt an déidh sin, Judith Gillespie bho comann Parant-Teagaisg na h-Alba, Maureen NicNiall bho Age Concern agus an t-Urr Maxwell Craig bho "Action of Churches Together in Scotland (ACTS)". Bha iad a' bruidhuinn carson a bha iad airson seo uile dheth agus na seórsa rudan a bha iad ag iarraidh leatha. Nuair a chrioch iad, bha ceistean agus connsaich agus còmhradh bho'n làr (bho duine sam bith ag iarraidh bruidhinn). Bha fichead duine eile thoir beachdan agus an déidh iad, bha duine bho Cuimrigh thoir facal no dha air buidheann coltach ri seo ann a' Chuimrigh. Thoir e a-mach duileagan air (ann Beurla agus Cuimris).
An déidh biadh meadhoinn latha, bha coinneamh eile ann agus bha Scotland on Sunday agus Common Cause ga stiùradh. Bha'n priomh coinneamh airson buidheann agus bha an dàrna ann am feasgar airson duine sam bith, gu h-àraidh duine cumanta agus na beachdainn aca. Bha an coinneamh dà uair tìde agus thuirt mi beagan - bha mi airson a chur a-mach politics bho dàrna-seòmar mar sin, chan eil mi ag iarraidh forum eile airson politicians a' labhairt do sluagh na h-Alba, ach tha mi airson a' cumail taic gu forum airson sluagh na h-Alba a' labhairt do'n politicians! Thuirt mi cuideachd ma tha duine ann a' Chuimrigh a' cleachadh Cuimris carson nach eil am buidhean seo a' cleachadh Gàidhlig idir? Saoil mi gu bheil e uamhasach cudthromach airson Parlamaid ann an Dun Eideann a bhios airson duine sam bith ann an Albainn, Gàidheal agus Gall, bho Gàidhealtachd agus Galltachd, a' bruidhuinn còmhla ri cheile airson aon miann - sgàth duthaich fhèin.
Tha mi airson Oilthigh na Gàidhealtachd (ONG) fhaicinn gus tuilleadh cothroman a bhrosnachadh dhan daoine no daoine airson eachdraidh agus cultur na Gàidhealtachd ionnsachadh.
An duigh, 's agam ri moran daoine a' Ghaidhealtachd fhagail airson foghlum ard-ire fhaighinn. Aig an toiseach, leis an oilthigh, bidh mu dheidhinn sia colaidsean a cho-cheangail ri cheile airson teagasg a dheanamh agus aig an uairsin bidh daoine comasach air foghlum fhaighinn air feadh na Gàidhealtachd. Anns na bliadhnaichena a leantainn, a thaobh leasaichean, chan fhaod mi faicinn carson nach bidh cothroman mar sin leantainn airson daoine air feadh Alba no gu dearbh air feadh an t-saoghail ceum no cuspair ionnsachadh ann an doigh sin (mar an oilthigh-fosgailte a-nis). Mar easamplair, daoine ann an Alba Nuadh ag iarraidh rudan ag ionnsachadh mu dheidhinn na Gàidhealtachd b'urrain dhi "rathad mor an fhiosrachaidh" a chleachadh bho'n oilthigh airson sin a dheamamh.
'Se mo bheachdsa gun robh an astar cho mor eadar daoine as na Gàidhealtachd - 'se si an rud a rinn am milleadh na miosa airson cultur na Gàidheal a mharabhadh agus tha cothrom ur againn an drasd' airson sin a chur gu cothromach - a dhion ar cultur, a gleiteadh ar daoine ann ar duthaich agus a leudachadh cothroman airson daoine bho aite sam bith rudan mu dheidhinn na Gàidhealtachd (ann am Beurla no Gàidhlig) ionnsachadh.
Craig Cockburn
Copyright © 1994-2005 Craig Cockburn
back to home page